Air ùrachadh 18/09/2021
Dealbh @ScotParl #WOW, 2021
Ro-ràdh
Mar a thuirt Riaghaltas na h-Alba: "The Scottish Government is seeking views on the third iteration of its Gaelic Language Plan [2021-2026], to inform the execution of our commitment to Gaelic, and to inform how we can best support the development of the Gaelic language in Scotland." Tha iad a' cur luach anns a' Phlana seo: air 09/09/21 air Twitter, thuirt iad: "the new Gaelic Language Plan looks to ensure the sustainable future of the language... Bheir dhuinn ur beachdan!"
Seo aon dhe na freagairtean (gu h-ìseal) a fhuair iad.
Tha an duilleag seo na dhà leth, mar gum biodh: a' chiad leth - na molaidhean goirid a chaidh gu Riaghaltas na h-Alba, mar phàirt den 'Consultation Process' aca ceangailte ri Plana 2021-2026. An dàrna leth: tuilleadh fiosrachaidh, agus mineachadh air mar a tha seo iomchaidh do phlana an Riaghaltais fhèin.
Tha CO-DHÙNADH ann faisg air bonn na duilleig.
John Storey
BUAIDH AN RIAGHALTAIS
Tha eòlaichean leithid Bernard Spolsky agus Robert Phillipson air dearbhadh dhuinn gu bheil buaidh aig ar riaghladairean air leasachadh-canain. Mar sin, tha Riaghaltas na h-Alba cudromach a thaobh na Gàidhlig (ged nach urrainn don Riaghaltas a h-uile rud a dhèanamh iad fhèin.)
'S e Hobsbawm (2011) a thuirt nach robh freagairt aig capitalism a thaobh an 21mh Linn: gu robh airgead ga dhèanamh do chuid “but at the cost of an increasingly dispensable factor of production, human labour, and, one might add, of the globe’s natural resources.”.
Dhiochuimhnich e rud eile chur ris an liosta: droch bhuaidh air mion-chànain.
TASKFORCE (EADAR-)NÀISEANTA
Gus deiligeadh ri gnothaichean aig ìre macro, dh'fhaodadh Riaghaltas na h-Alba 'taskforce' mion-chànain a chur air dòigh - le airgead, cumhachd agus susbaint. Dh'fhaodadh Taskforce an Riaghaltais coimhead ri laghan ùra a thoirt a-staigh (neo Achd na Gàidhlig a neartachadh), agus a bharrachd air a sin, cleachdaidhean a phiobrachadh tro bhuidhnean leithid Scottish Enterprise agus na buidhnean-treanaidh/na h-Oilthighean, gus buaidh dha-rìreabh a thoirt air na cleasan-cànain aig companaidhean eadar-nàiseanta a gheibh taic tron Riaghaltas. Dh'fhaodadh an Riaghaltas a bhith ag ionnsachadh bho na mearachdan a rinn riaghladairean ann an duthchannan eile.
CLEACHDADH LÀITHEIL TAOBH A-MUIGH NA SGOILE
Tha cuideam air foghlam, corpus agus corporate identity anns an dreach plana seo. Tha sin ceart gu leòr, ach 's e cleachdadh làitheil taobh a-muigh na sgoile - gu h-àraid labhairt - an rud as cudromaiche an-dràsta, an dà chuid aig ìre shoisealta agus aig ìre-cosnaidh. Chan eil e soilleir a bheil cuideam gu leòr ann am plana an Riaghaltais air dòighean gus an cleachdadh sin a bhrosnachadh.
Feumar cuimhneachadh gu bheil sporan (faisg air) £32 billean sa bhliadhna aig Riaghaltas na h-Alba. Tha fhios gun gabhadh beagan a bharrachd a chosg air cleachdadh na Gàidhlig taobh a-muigh na sgoile. Eisimpleir neo dhà: cùrsaichean ùra - treanadh ann an cosnaidhean NACH EIL ceangailte ri teagasg neo na meadhanan (cudromach 's gu bheil na rudan sin); tòrr a bharrachd a thaobh seirbheisean-labhairt aig na buidhnean poblach, seach soighnichean sgrìobhte. Cuideam dha-rìreabh air obraichean 'Gaelic essential' seach obraichean 'Gaelic desirable' - dh'fhaodadh Riaghaltas na h-Alba 'financial incentives' a chruthachadh a thaobh sin. A thaobh gnothaichean soisealta, ionad ùr airson teicneòlas tro mheadhan na Gàidhlig, le cuideam air spòrs agus conaltradh nàdarra. Tha na ficheadan de rudan feumail ann a thaobh cleachdadh laitheil - rudan a ghabhadh dèanamh le taic bhon Riaghaltas: ach rudan nach eil gan dèanamh an-dràsta.
COIMHEARSNACHD
Tha dearbhadh rannsachaidh ann gu bheil coimhearsnachdan ionadail (coimhearsnachdan ann an dha-rìreabh) fhathast cudromach ann an leasachaidh-cànain, ge brìth dè chanas cuid (agus tha sinn eòlach air na h-argumaidean).
'S e amas ciallach a th' ann a bhith ag obair a dh'ionnsaigh 'sgirean' - an dà chuid anns na bailtean mòra agus air an duthaich/anns na h-Eileanan - le Gàidhlig aig cridhe beatha làitheil, air an neartachadh le taic bhon Riaghaltas.
'S e cothrom math a bhiodh anns a' phlana 2021-2026 dearbhadh gu bheil an Riaghaltas mothachail air a seo. A-rithist, feumar ionnsachadh bho leasain ann an duthchannan eile: mar eisimpleir an Eirinn, agus mar a tha Mac Giolla Chrìosta (2010)
a' cumail a-mach gun e fallacy a bh' anns a' Ghaeltacht oifigeil. Cha bu chòir dhuinn cus èisteachd a thoirt do dhaoine a tha a' feuchainn ris an rud a dhèanamh ro shimplidh. Mar a thuirt Coombes ann an 2017 “The complex processes which are reshaping settlement patterns ... make the simple framework of the traditional binary urban-rural divide seem inadequate. The current position is more complex, so that place A can be more ‘urban’ than place B in some respects, but more ‘rural’ than it in others.”
TAIGHEADAS
Chan eil cothrom aig Gàidheil (le 'Gàidheal' tha mi a' ciallachadh cuideigin a tha fileanta: chan eil e gu diofar cò iad, neo cò as a tha iad), mur eil airgead gu leòr aca, taigh fhaighinn ann an sgire far a bheil beagan leasachaidh a' dol a thaobh na Gàidhlig. Bu choir don Riaghaltas airgead a thoirt seachad gus taighean a chur air dòigh - positive discrimination - do na Gàidheil. Ma bhios duine a' tilgeil casaidean oirnn gu bheil seo 'connspaideach', bu chòir dèanamh soilleir dhaibh gum biodh sgeama mar seo fosgailte do neach sam bith a tha a' ruighinn fileantas anns a' chànan. Ma 's urrainn do chàraidean Bhoris Johnson ann an Riaghaltas Bhreatainn iarraidh air daoine Beurla ionnsachadh: 's urrainn dhuinn ionnsachadh bho na seo a thaobh na Gàidhlig (a thaobh taigheadas - agus 's docha obraichean). Tha e ro fhurasta cur sios air sgeama mar seo: tha an t-àm ann smaoineachadh air.
MISNEACHD - SEMI-SPEAKERS AGUS LUCHD-LABHAIRT NON-ACTIVE
'S e misneachd Ghàidheil a bhrosnachadh an rathad air adhart – gu h-àraid na beagan Gàidheil aig a bheil an cànan bho thùs; an ginealach de semi-speakers agus na luchd-labhairt non-active a chruthaich sinn as uire san 21mh Linn. Chan eil iomairtean 'top-down' gu feum as aonais 'legitimacy' (mar a thuirt Anthony Cohen).
LEGITIMACY
Ma nithear oidhirp a thaobh legitimacy, tha cothrom aig Riaghaltas na h-Alba ar cuideachadh.
GEARR-AITHRIS
Mar ghearr-aithris, seo trì rudan mòra a dh'fhaodadh an Riaghaltas dèanamh ann am Plana 2021-2026: airgead a bharrachd ann an tòrr diofar raointean, gu h-àraid taobh a-muigh na sgoile (treanadh ùr diofraichte, cosnaidhean agus teicneòlas mar eisimpleir); 'empowerment' do sgirean agus do na Gàidheil aig ìre ionadail (le taic susbainteach, mar eisimpleir tro thaighean ùra); agus mu dheireadh, laghan agus riaghailtean ùra (le taic bho Taskforce ùr) aig ìre macro.
Pàislig, Alba, 2021
*
18/09/2021
Tha beagan mineachaidh ann gu h-ìseal air mar a tha e cudromach gun dean Plana an Riaghaltais fhèin oidhirp air na molaidhean gu h-àrd.
Tha co-dhùnadh ann faisg air bonn na duilleig.
Plana Cànain Nàiseanta Gàidhlig - neo Plana an Riaghaltais?
Mar a tha fhios againn, fo Achd na Gàidhlig, tha e an urra ri Bòrd na Gàidhlig "Plana Cànain Nàiseanta Gàidhlig", neo 'National Gaelic Language Plan' sa Bheurla, ullachadh. Tha fear ann airson 2018-23. Ma bheir thu sùil air na Planaichean Cànain Nàiseanta a th' air a bhith ann thuige seo, chìthear - math 's gu bheil iad - gu bheil na planaichean rudeigin farsaing agus, uaireannan, lom. Ma thaghas tu cuspair a dh'fhaodadh a bhith deatamach a thaobh leasachadh na Gàidhlig, uaireannan, chan eil aon iomradh air. Tuigidh tu seo gu ìre. Chan urrainn don Bhòrd a bhith an-sàs anns a h-uile raon. Ach tha e a' togail ceist: an e freagairt coileanta a th' ann am Plana Cànain Nàiseanta, mar a tha an structar an-dràsta?
Sin 's coireach, chanadh cuid, gu bheil Achd na Gàidhlig a' toirt air buidhnean poblach - daoine eile - an Alba a bhith ri planaichean Gàidhlig iad fhèin. Ach a bheil an structar-leasachaidh cànain seo ag obair don Ghàidhlig? Fàgaidh mi a' cheist seo an dàrna taobh an-dràsta!
Tha na molaidhean goirid, anns a' chiad leth dhen duilleag seo, ceangailte ri Plana an Riaghaltais fhèin (2021-2026). Tha cunnart ann a thaobh gnìomh an Riaghaltais, ma dh'fhàgas sinn a h-uile gnothach aig Bòrd na Gàidhlig agus am Plana Cànain Nàiseanta aca (agus tha na planaichean builteach fàs sean ann an saoghal a tha ag atharrachadh cho luath), gun caillear sealladh air na dleastanasan a th' air an Riaghaltas fhein.
'S e fìor 'abdication of responsibility' a th' ann an rathad eile seo a ghabhail - a h-uile rud fhàgail aig Bòrd na Gàidhlig agus am Plana Nàiseanta, gun Riaghaltas na h-Alba iad fhèin a' dèanamh an dìcheall anns gach dòigh agus anns gach roinn. Nì mi oidhirp seo a mhineachadh a thaobh na molaidhean gu h-àrd - ciamar a dh'fhaodadh Plana an Riaghaltais 2021-2026 a bhith a' suathadh riutha.
Mus tèid mi air adhart, tha mi airson dearbhadh a-rithist nach urrainn don Riaghaltas a h-uile rud a dhèanamh iad fhèin. Tha micro-level planning - iomairtean 'fìor ionadail' - a cheart cho cudromach ri planadh aig ìre macro. Agus nach e Mufwane a thuirt "Languages don't kill languages, people do."?
Ach air ais gu Riaghaltas na h-Alba agus plana 2021-2026:
1. Taskforce cànain (eadar-)nàiseanta
Gus buaidh maireannach a thoirt air cleachdadh na Gàidhlig - cothrom co-ionnanachd a bhith aig Gàidhlig a thaobh gnìomh nan companaidhean nàiseanta agus eadar-nàiseanta a tha an-sàs an Alba, dh'fhaodadh e bhith air leth feumail nan cuireadh Riaghaltas na h-Alba iomairt ùr air chois. Chan eil sinn san Roinn Eòrpa 'oifigeil' (an EU) tuilleadh, agus le buaidh calpachas a' fàs nas làidire agus nas làidire (gu mì-fhortanach cha tàinig e gu crioch fhathast), cha robh e a-riamh cho cudromach gum biodh ar riaghladairean a' dèanamh oidhirp gus ar mion-chànain a dhion. Aig ìre eadar-nàiseanta agus nàiseanta, 's e toiseach-toiseachaidh a bhiodh anns an Taskforce. Bhiodh an Taskforce ag ionnsachadh bho na h-eisimpleirean cànain eadar-nàiseanta as fheàrr, agus, aig a' cheann thall (bheireadh seo grunn bhliadhnachan) chuireadh Riaghaltas na h-Alba an cèill gum biodh cothrom cleachdaidh na Gàidhlig aig a h-uile duine ann an saoghal malairt, saoghal cosnaidh agus an eaconomaidh. Sgrìobhaidh mi pàipear ann an doimhneachd mu dheidhinn seo fhathast, eagal 's gu bheil ceistean aig daoine.
Cha bhiodh e iomchaidh an ceum seo a chur fo 'spog' Bhòrd na Gàidhlig (neo am Plana Cànain Nàiseanta a bhios iad ag ullachadh), ged a dh'fhaodadh ceangail a bhith ann. Gu dearbha, bhithinn an dòchas gu faodadh obair an Taskforce ùr seo deagh bhuaidh a thoirt air obair a' Bhùird: gum biodh e na b' fhasa don Bhòrd gnothaichean a choileanadh, aig a' cheann thall.
Cò an Directorate taobh a-staigh Riaghaltas na h-Alba a dh'fhaodadh cuideachadh le seo? 'S dòcha gun e an International Trade and Investment Directorate, neo an Economic Development Directorate, a bhiodh ann. Tha na milleanan mòra aig an dà Directorate seo. Dh'fhaodadh taic-stiùiridh a bhith ann dhaibh bho sgioba Gàidhlig an Riaghaltais agus, taobh a-muigh an Riaghaltais, bho eòlaichean Oilthigh.
Ann an dreach Plana 2021-2026 an Riaghaltais mar a tha e an-dràsta, cha chreid mi gu bheil iomradh sònraichte sam bith air an International Trade and Investment Directorate - ach a-mhàin a thaobh 'visits' agus 'events' (duilleag 37). Chan eil guth air an Economic Development Directorate nas motha. Chan eil sin math gu leòr.
2. Iomairtean Taobh a-muigh na Sgoile - ire-cosnaidh
Bidh feadhainn de luchd-leasachaidh cànain a' bruidhinn air 'utility' agus 'prestige' - feum agus luach - agus mar a tha a' bualadh air beachdan dhaoine ('language beliefs'). Tha cothroman-cleachdaidh nàdarra taobh a-muigh na sgoile fior chudromach a thaobh seo, agus cuid againn mothachail a thaobh na Gàidhlig gu bheil feum air oidhirp a bharachd gu h-àraid ceangailte ri daoine le beagan Gàidhlig mar thà - 's dòcha feadhainn a chaill, neo a chailleas, misneachd.
Ann an Alba san 21mh Linn, chan eil a h-uile duine an-sàs ann an leasachadh na Gàidhlig den bheachd gu bheil seo cudromach: mar eisimpleir, @conmaol air Twitter (14/09/2021) "We should focus on supporting people who actually want to learn Gaelic, rather than hand-wringing about all the people who are just not interested." Saoilidh mi, ann an co-theacsa reversing language shift, gun e sealladh rud beag cumhang a tha sin (as aonais tuilleadh mineachaidh). Tha tòrr sgoilearan cànain a' moladh gun e cunnart a th' ann leithid de rud a dhèanamh. A thaobh deasbad an Alba, saoilidh mi gu bheil leithid @MoFloMoJo (sgrìobhadair stèidhichte ann an Glaschu) a' faighinn gu cridhe gnothaich, nuair a bhios beachdan mar a leanas aca:
"It's really about supporting perceptions of utility & prestige, which is what drove the Beurla steamroller in the first place. Let's put that steamroller into reverse!"
(Twitter, 13/09/2021)
Treanadh
Ma tha sinn a' gabhail ris gu bheil treanadh ann an saoghal-cosnaidh cudromach - dè nì Gàidheal nuair a dh'fhàgas iad an sgoil - feumar sùil a thoirt air mar a tha an Riaghaltas a' deiligeadh ri seo.
Am-measg feadhainn eile le cumhachd taobh a-staigh Riaghaltas na h-Alba, tha roinn ann ris an canar an Fair Work, Employability and Skills Directorate. Tha iad-san a' deiligeadh ri cothroman-treanaidh agus cosnadh (a bharrachd air leithid an Advanced Learning and Science Directorate agus Scottish Funding Council: sporan £1.8 billean nòt ann an 2021-22).
Tha mi-chinnt ann a thaobh plana Gàidhlig an Scottish Funding Council (dreach 2020-2025 a th' air an làrach-lìn aca, nuair a chaidh seo a sgrìobhadh), is iad ag ràdh gu bheil iad airson suathadh ri amasan Plana Nàiseanta a' Bhuird, ach a bheil susbaint ann, a bharrachd air na rudan àbhaisteach ceangailte ri teagasg,na meadhanan agus ionnsachadh-cànain?
A bharrachd air a seo, ann an 2021-22, bha £1.035 billean nòt ann an sporan an Riaghaltais airson 'Economy, Fair Work and Culture', agus air muin sin, bha £1.170 billean nòt ga chomarrachadh airson 'Rural and Tourism'. Dh'fhaodadh tu ràdh gu bheil treanadh mar phàirt dhen obair aca-san cuideachd.
Chan e freagairt buileach coileanta a th' ann a h-uile rud fhàgail aig na buidhnean 'quango' leithid Skills Development Scotland, ged a tha e air leth cudromach gum bi planaichean Gàidhlig làidir aca (agus tha sporan glè mhòr aig SDS: £230 millean ann an 2021-2022).
Bhiodh e feumail sealltainn ann am Plana an Riaghaltais 2021-2026 ciamar a dh'fhaodadh na diofar Directorates, agus na diofar iomairtean a tha a' dol, a bhith ag obair còmhla agus a' cuideachadh treanadh tro mheadhan na Gàidhlig. Tha beagan co-òrdanaiche a dhìth: agus 's e deagh àite a bhiodh ann am Plana 2021-2026 na h-oidhirpean treanaidh (ceangailte ris an Riaghaltas) a thaisbeanadh. 'S dòcha gu bheil taskforce eile a dhìth: Taskforce Treanaidh na Gàidhlig?
A thaobh cothrom do na Gàidheil, 's dòcha gun e sgilean-treanaidh obrach - sgilean a bhuineas don eaconamaidh - as cudromaiche, agus gu bheil feum aig an Riaghaltas barrachd oidhirp a dhèanamh a thaobh seo.
Tha e colach nach eil cùrsaichean 'vanity' anns an fhasan an-dràsta (faic beachdan uamhasach ceannard ùr UHI, Todd Walker).
Nuair a chuir Sir Iain Noble nach maireann (agus feadhainn eile) Sabhal Mòr Ostaig air chois, bha dòchas ann gum biodh cùrsaichean de gach seòrsa a' dol. San latha an-diugh, tha SMO agus leithid Colaisde a' Chaisteil a' dèanamh obair air leth. Ach dh'fhaodadh sinn sùil a thoirt air gnothaichean a-rithist - tuilleadh seòrsaichean a dhèanamh (renewable energy tro mheadhan na Gàidhlig? Self-employed start-ups? Iasgach? Car mechanics? Digital Gaming? Stress Management?) Ged a chanas cuid gu bheil an aireamh de dh'oileanaich a dh'fhaodadh a bhith ann a' crionadh, tha daoine ann a nì teagasg agus tha cothroman ùra ann air-loidhne.
Feumaidh an Riaghaltas barrachd cuideachaidh a thoirt do na h-Oilthighean gus rudan mar seo a chur an cèill.
Tha Foghlam air ainmeachadh ann am Plana 2021-2026 (duilleag 19 den dreach 09/09/2021): mar sin chan urrainn don Riaghaltas a ràdh nach buin treanadh do chosnaidhean ùra, neo ionnsachadh do dh'inbhich, ris a' Phlana seo.
Cosnaidhean 'Gaelic Essential'
A-rithist, a thaobh cosnaidhean far a bheil cleachdadh-làitheil Gàidhlig riatanach, faodaidh an Fair Work, Employability and Skills Directorate cuideachadh, agus faodar innse mu dheidhinn sin ann am Plana an Riaghaltais airson na Gàidhlig 2021-2026.
Tha "Economic Strategy" aig an Directorate seo - https://www.gov.scot/publications/scotlands-economic-strategy/
A bheil cuideam air cleachdadh na Gàidhlig an luib 'Economic Strategy' an Riaghaltais? Chan eil.
Tha e ceart gu leòr don Riaghaltas ainmeachadh gu bheil Bòrd na Gàidhlig ann gus cleachdadh na Gàidhlig ann an obraichean a bhrosnachadh. Tha iomairtean mar #cleachdi ann (agus tha grunn air a bhith ann thairis air na bliadhnachan le diofar bhuidhnean - mixed results), ach chan urrainn don Bhòrd - neo buidhean 'Gàidhlig' sam bith eile - cleachdadh làitheil a bhrosnachadh leotha fhèin.
Chan e a-mhàin gu bheil feum air dearbhadh a thaobh taic bhon Riaghaltas ceangailte ri cleachdadh làitheil ann an obraichean a th' ann mar thà, ach tha feum air obraichean Gaidhlig ùra. Canaidh cuid: och, tha e cho furasta 's a th' ann a bhith a' moladh obraichean ùra. "Bhiodh e cheart cho math dhuinn deagh shìde agus ice-cream a mholadh cuideachd." Ach tha ionmhas aig Riaghaltas na h-Alba agus tha dleastanas orra. Bidh an Riaghaltas daonnan a' bruidhinn air iomairtean ùra - mar eisimpleir, bho chionn ghoirid, "Scottish National Investment Bank" (£220 millean), an "National Manufacturing Institute for Scotland" (£26.5 millean) neo an Agricultural Transformation Programme (£40 millean). Dh'fhaodinn cur ris an liosta seo gu furasta.
Seo an cothrom do Phlana an Riaghaltais dearbhadh gu bheil an Fair Work, Employability and Skills Directorate a' coimhead ris a' chuspair 'obraichean Gàidhlig' - agus ga chur an gnìomh. 'S e ceum air ais a th' ann a h-uile rud a thaobh seo fhagail aig Bòrd na Gàidhlig agus am Plana Cànain Naiseanta Gàidhlig (ged a bhios e cudromach taic a thoirt don Bhòrd ann an dòighean iomchaidh eile).
3. Iomairtean Taobh a-muigh na Sgoile - ire shòisealta
Mar a tha gu leòr ag aithneachadh san 21mh Linn, tha èiginn ann a thaobh seo. Tha muinntir na Gàidhlig gu saor-thoileach, Bòrd na Gàidhlig agus leithid Comunn na Gàidhlig agus cuid de dh'ùghdarasan ionadail uile a' dèanamh an dìcheall, ach a bheil e ceart don Riaghaltas a bhith ga fhàgail aca-san?
Tha cothrom aig Plana 2021-2026 seo atharrachadh.
'Digital'
Mar eisimpleir, tha Digital Directorate aig Riaghaltas na h-Alba (agus tha Digital Health and Care Directorate ann cuideachd - sporan a bharrachd). Dh'fhaodadh an Digital Directorate, còmhla ris an Digital Health and Care Directorate, dearbhadh dhuinn gu bheil iad deònach conaltradh, obraichean, spòrs agus gnìomh didseatach tro mheadhan na Gàidhlig a bhrosnachadh.
Chaidh an Digital Strategy aca a chur air bhog ann an 2021 https://www.gov.scot/publications/a-changing-nation-how-scotland-will-thrive-in-a-digital-world/ (111 duilleag)
Bidh airgead ga chosg ann an diofar dhòighean, mar eisimpleir: "interventions specifically supporting SMEs are crucial... This is why we are investing an additional £21.8 million to support business invest in digital and data technologies. This included £20m in the DigitalBoost Development Grant, £1 million with The Data Lab and £800k in Highlands and Islands Enterprise’s Digital Enablement Grant."
Neo "a national network of Innovation Hubs through the new S5GConnect Programme, supported by £4 million of Scottish Government funding." Agus "an Innovation Ecosystem: we back the Logan Review’s recommendations and are providing £7 million funding in the first year to drive implementation."
A bheil guth air Gaidhlig anns an Digital Strategy seo? Chan eil. Ge brìth cò sgrìobh Digital Strategy an Riaghaltais, cha d' fhuair iad comhairle a thaobh language planning neo mar a dh'fhaodadh iad Gàidhlig a bhrosnachadh - neo ma fhuair iad comhairle, cha do ghabh iad ris. Agus a bheil guth air an Digital Strategy seo ann an dreach plana Gàidhlig an Riaghaltais 2021-2026? Chan eil. Tha leth-dhuilleag ann, a' bruidhinn air 'Digital Broadband, Digital Connectivity agus "information" do dhaoine ceangailte ri sin (duilleag 35). Chan eil gealltanas susbainteach sam bith ann.
A-rithist, chan eil seo math gu leòr.
Mar a thuirt mi, dh'fhaodadh iomairt ùr a bhith ann le taic bhon Riaghaltas - ionad-teicneòlais (le luchd-obrach, goireasan agus sporan iomchaidh) tro mheadhan na Gàidhlig - le cuideam air spòrs agus conaltradh nàdarra am measg an t-sluaigh.
Dh'fhaodadh an Digital Directorate cuideachadh le bhith ga chur air chois. Dh'fheumadh smachd a bhith aig na Gàidheil fhèin air (tha eòlaichean teicneòlas Gàidhlig ann) - 's ann aig astar a bhiodh an Digital Directorate.
Anns an ath Phlana Cànain Nàiseanta a ni Bòrd na Gàidhlig (2024 air adhart), bidh iomradh air gnothaichean didseatach ann. Tha Bòrd na Gàidhlig air bruidhinn air 'digital' ann am Plana Cànain Nàiseanta 2018-2023 mar thà, ach cha do thachair mòran bhon taobh aca-san. Gu h-iongantach, 's e obair shaor-thoileach a bu mhotha a rinn an diofar: obair Mhìcheal Bauer, mar eisimpleir, agus duine neo dithis eile.
Feumaidh Riaghaltas na h-Alba fhèin barrachd oidhirp a dhèanamh.
Tha cothrom air leth aig an Digital Directorate a bhith ag ainmeachadh dè nì iad. Am faigh sinn 'commitment' susbainteach a thaobh Digital anns a' Phlana 2021-2026, mar a tha an 'commitment' aca a thaobh foghlam anns a' Phlana mar thà?
Agus, mar a thuirt mi anns na molaidhean, chan eil ann ach eisimpleir a th' ann an 'digital': "Tha na ficheadan de rudan feumail ann a thaobh cleachdadh laitheil - rudan a ghabhadh dèanamh le taic bhon Riaghaltas: ach rudan nach eil gan dèanamh an-dràsta." Feumaidh an Riaghaltas dearbhadh gu bheil iad deònach cuideachadh.
4. "Coimhearsnachd" - empowerment agus fàs do sgirean le Gàidhlig aig cridhe beatha-làitheil
Tha am facal seo, 'coimhearsnachd', ga chur an gnìomh ann an iomadach dòigh. Tha deasbad ann, gun teagamh, ach tha na faclan aig Evas agus Williams (1998) air leth feumail:
"In order to ensure the efficiency of language intervention from the very outset, any intervening agency must
... come to understand the true nature of the community as it stands, and operate in a way that is
relevant to that community …”. A thaobh 'coimhearsnachd' agus riaghaltas, feumar dèanamh cinnteach gu bheil an taic susbainteach agus an cumhachd aig astar: empowerment not encroachment. Feumaidh tuigse a bhith ann air fìor dheagh phrionnsapalan leasachaidh.
Bho thaobh brosnachadh steidhichte air sgirean geo-linguistic (agus nì mi deasbad le neach sam bith a chanas nach eil iad feumail fhathast) dh'fhaodadh an Riaghaltas fhèin a bhith a' cuideachadh, a bharrachd air an taic a tha iad a' toirt seachad tro Bhòrd na Gàidhlig.
Canaidh cuid, ge-tà, gum feumar cumail dluth ris na structaran-leasachaidh a th' ann mar thà.
Carson, canaidh iad, a tha feum air dearbhadh ann an gnìomh ann am Plana an Riaghaltais, gu h-àraid a thaobh diofar Directorates, nuair a tha Plana Cànain Nàiseanta a' Bhùird againn mar thà? Tha, seach gu feum 'normalisation' a bhith ann taobh a-staigh Directorates an Riaghaltais - neo chan fhaigh na Gàidheil an taic susbainteach air a bheil iad airidh. Seo prionnsapal a th' aig cridhe gnothaich - agus bidh e cha mhòr do-dheanta soirbheachas-cànain fhaighinn (a' gabhail ris an structar poilitigeach a th' againn an-dràsta) as aonais dearbhadh gu bheil an Riaghaltas air gabhail ris a' phrionnsapal seo. Tha seo dha-rìreabh cudromach a thaobh 'coimhearsnachd'.
Tha an Riaghaltas ag aithneachadh 'coimhearsnachd' aig diofar irean.
20 Minute Neighbourhoods - Gàidhlig?
Mar eisimpleir, tha an Riaghaltas a' cur luach ann am 'meanbh-choimhearsnachdan' tro iomairtean ùra leithid '20 Minute Neighbourhoods'. Sgirean Fichead Mionaid, ann an Gàidhlig?
An e ainm grinn a-mhàin a th' ann, neo a bheil susbaint anns a' bhriathrachas?
Tha e colach gum bheil Riaghaltas na h-Alba dha-rìreabh mu dheidhinn seo.
"
The experience of the pandemic has shown us the need to rethink how we live, work, learn and shop, and ensure local spaces are green, vibrant and safe. Underpinning this is our commitment to the concept of the 20 minute neighbourhood – where people can meet their needs within a 20 minute walk from their house – bringing together a number of priority policies and investments, including active travel, regeneration, town centres, air quality, infrastructure investment, climate change, Community Wealth Building, access to greenspace and local services."
bho 'Scottish Budget 2021-22', larach-lìn Riaghaltais na h-Alba.
Ach a bheil guth air cleachdadh na Gàidhlig - neo obraichean Gàidhlig - anns na molaidhean airson '20 Minute Neighbourhoods'? Chan eil ann an aithisgean an Riaghaltais, thuige seo. Sin far am faodadh plana Gàidhlig 2021-2026 cuideachadh, le bhith ag ainmeachadh rudan den t-seòrsa seo. Cha ruig am Plana leas a dhol ann an doimhneachd: ach bhiodh e feumail iomradh a thoirt air iomairtean Riaghaltais mar seo.
Bidh na 20 Minute Neighbourhoods, tha e colach, a' faighinn taic tro "a new Place Based Investment Programme which will be backed with initial investment of £55 million in 2021‑22." (aithisg Scottish Budget 2021-22).
'Spatial Strategies' eile - an Riaghaltas
Aig ire 'meso' - nas motha na iomairtean fior ionadail mar '20 Minute Neighbourhoods' - tha an Riaghaltas an-sàs ann an diofar leasachaidhean-coimhearsnachd cuideachd.
Ma bheir sinn sùil air leithid an 'Economic Development Directorate' agus na h-iomairtean a tha a' bualadh air coimhearsnachdan thall 's a-bhos: a bheil guth air Gàidhlig anns na planaichean aca? Chan eil mòran.
Mar eisimpleir, bha cothrom aig an Directorate seo (agus na co-obraichean eile aca san Riaghaltas) a bhith a' brosnachadh cuideam air Gàidhlig ann an dà iomairt chudromach "City Region deals" agus "Regional Growth deals" An do rinn iad sin? Chan fheum mi sin a fhreagairt. Tha airgead mòr an luib na sgeamaichean seo - mar eisimpleir thug iad £520 millean do Ghlaschu (agus fhuair Glaschu £1.2 billean bho àiteachan eile). Canaidh feadhainn nach e 'priority need' a th' ann an Gàidhlig. Tha sin ceàrr, leis an staing sa bheil an cànan. Fiù 's ann an Glaschu.
Tuigidh sibh gu bheil cothrom air leth aig an 'Economic Development Directorate' seo a bhith a' dearbhadh ann am Plana 2021-2026 dè nì iad gus na Gàidheil a chuideachadh. Tha e cudromach.
Cuir mar seo e; ma ghabhas sinn ris a' bheachd a th' aig cuid gur ann a-mhàin an urra ri Bòrd na Gàidhlig (agus am Plana Cànain Nàiseanta aca) a tha taic do leasachaidhean "coimhearsnachd", le corra iomairt a' dol tro bhuidhnean saor-thoileach, ùghdarasan ionadail agus buidhnean eile leithid Comunn na Gàidhlig (agus tha iad sin fior chudromach), bidh seo a' toirt leisgeul do na Directorates taobh a-staigh Riaghaltas na h-Alba gun a bhith a' dèanamh sian.
5. Taigheadas
Tha sporan glè mhòr aig an Housing and Social Justice Directorate (£923 millean ann an 2021-22 airson taigheadas; £122 millean ann an 2021-22 airson 'Social Justice), roinn eile taobh a-staigh Riaghaltas na h-Alba. Feumaidh plana 2021-2026 dearbhadh dhuinn dè seòrsa taic agus gnìomh a thig bhuapa-san, gus cothrom na Fèinne a thoirt do na Gàidheil a tha feumach air taigh, gu h-àraid anns na sgirean far an do rugadh/thogadh iad (ach le tuigse gum biodh cothrom aig daoine nach buin do dh'àite sam bith cuideachadh fhaighinn cuideachd. Dh'fheumadh an gnothach-leasachaidh a bhith nuanced).
Ma leumas sinn air ais mionaid, agus ma bheir sinn sùil air Plana Cànain Nàiseanta 2018-2023 (am plana a dh'ullaich Bòrd na Gàidhlig) thathar ag innse dhuinn "This is a Plan for all of Scotland, for individuals, communities, for bodies and authorities.". Ach, chan eil guth air iomairtean taigheadais. Chan eil ann ach aon iomradh beag, ag ràdh gu bheil sinn feumach air "affordable homes". Cha mhòr nach e 'wishlist' a th' anns a' Phlana Nàiseanta seo, nuair a thèid briathran mar seo a chleachdadh san dòigh seo.
Chan eil sian ann am Plana Nàiseanta 2018-2023 a' mineachadh dhuinn ciamar a thèid "affordable homes" do na Gàidheil a chur an-sàs: sian.
Chan eil seo na iongnadh.
Feumaidh iomairt ùr a bhith ann a thaobh taigheadas agus Gàidhlig. 'S e Plana an Riaghaltais fhèin an dòigh as fhearr dearbhadh, sa chiad dol a-mach, gum bi seo ann. Dh'fhaodadh an Riaghaltas dearbhadh gu bheil iad deònach ùghdarasan ionadail a chuideachadh le taigheadas agus cothrom do na Gàidheil. Mar eisimpleir, tha plana taigheadais Comhairle nan Eilean Siar a' criochnachadh ann an 2022. Dh'fhaodadh Riaghaltas na h-Alba an cuideachadh le taic-airgid gus priomhachas a thoirt do na Gàidheil (dheanadh iad cinnteach cuideachd
gu faigheadh daoine ann an èiginn - daoine gun dachaigh, mar eisimpleir - taic cuideachd). Ann am plana Comhairle nan Eilean Siar ceangailte ri taigheadas an-dràsta (aithisg 132 duilleag), chan eil aon iomradh air Gàidhlig. 'S beag an t-iongnadh, tha a' Chomhairle fo uallach-airgid uamhasach. 'S e "luxury" a bhiodh ann dhaibh smaoineachadh air Gàidhlig agus taigheadas an-dràsta. Feumaidh an Riaghaltas an cuideachadh.
A thaobh ciamar a thèid gnìomh ann an taigheadas a chur an-sàs, 's dòcha gu feum an lagh atharrachadh - tha cuid ann a tha a' cumail a-mach gu bheil positive discrimination mi-laghail. Thathas a' bruidhinn air 'positive action'. Ma tha rud mar seo gu bhith ann, tha mi mothachail gu feumar deiligeadh ris gu faiceallach, gu h-àraid a thaobh poilitigs agus co-ionnanachd. Ach feumaidh an status quo a thaobh taigheadas agus na Gàidheil atharrachadh.
*
Tha mi'n dòchas gun do rinn mi beagan mineachaidh an seo air na molaidhean, anns an dàrna leth dhen duilleag seo: mar a dh'fhaodadh an Riaghaltas fhèin a bhith a' dèanamh oidhirp, a bharrachd air Bòrd na Gàidhlig agus am Plana Nàiseanta aca, agus mar a dh'fhaodadh an oidhirp sin a bhith air a mhineachadh ann am Plana 2021-2026.
CO-DHÙNADH
Feumaidh plana Gàidhlig oifigeil sam bith a bhith "comprehensive, consistent and appropriate to the particular circumstances of the body preparing it" - briathran an Riaghaltais fhèin.
Chan eil dreach plana 2021-2026 Riaghaltas na h-Alba a' coileanadh seo fhathast. Mar eisimpleir, tha bearn ann a thaobh na leanas: dearbhadh bho na Directorates a thaobh iomairtean ceangailte ri cleachdadh-làitheil taobh a-muigh na sgoile, taigheadas do na Gàidheil; treanadh do dh’inbhich; cleachdadh ann an saoghal didseatach; leirsinn a thaobh coimhearsnachd (Sgirean Fichead Mionaid, ma eisimpleir) agus gu leòr eile.
Ged a tha structar sònraichte air an Riaghaltas (seach buidheann sam bith eile), le 'devolved responsibility' airson cuid de rudan aig quangos (agus planaichean Gàidhlig aca), chan eil planaichean Gàidhlig ann airson a h-uile roinn anns an Riaghaltas. Tha cothrom ann suidheachadh mi-chothromach mar seo a sheachnadh, le bhith a' cleachadh Plana Gàidhlig an Riaghaltais ann an co-theacsa 'overarching'.
Faodaidh Riaghaltas na h-Alba adhartas a dhèanamh. Ach, mur a bi iad deònach aideachadh gu feumar tòrr a bharrachd 'commitment' anns na diofar raointean agus bho na diofar Directorates - agus ma bhios iad airson leasachadh oifigeil fhàgail, an ìre mhòr, aig Bòrd na Gàidhlig agus an ath phlana Cànain Nàiseanta (i.e. ma tha iad airson cumail ris an status quo) - feumar crathadh a thoirt air an siostam-leasachaidh an Alba.
Cha b' fhiach Plana Gàidhlig mur a bi ann ach iomradh air na Directorates - gu bheilear a' conaltradh riutha, neo gu bheil sgioba na Gàidhlig a' bruidhinn ri 'riochdaire' bho na Directorates. Cò bhios a' toirt air na Directorates rudan susbainteach (an àite gnìomh tokenistic ) a chur an cèill? A bheil ùghdarras aig sgioba na Gàidhlig sin a dhèanamh? Chan eil.
Agus tha e doirbh do Bhòrd na Gàidhlig. Feumaidh barrachd cuideam tighinn air an Riaghaltas (le atharrachadh, 's dòcha, san lagh).
Ro làidir? Gabhaidh sinn eisimpleir 'taigheadas', ma-tha.
Faodaidh daoine a tha riaraichte leis an status quo mineachadh a thoirt dhuinn air mar a dh'fhaodadh Bòrd na Gàidhlig, tron Phlana Cànain Nàiseanta Gàidhlig ùr, nuair a thig e, bruidhinn as leth an Housing and Social Justice Directorate. Chan urrainn dhaibh sin a dhèanamh, gu ìre eifeachdach sam bith. Tha faisg air 30 Directorate eile ann - agus tha an aon rud fior mu dheidhinn a' mhòr-chuid aca sin cuideachd. Chan eil buidheann poblach ann, le Plana Gàidhlig, ceangailte ris a h-uile Directorate. Agus ma tha planaichean ann, tha cruaidh fheum air ùrachadh agus taic.
Ro thric, mar a tha mi air dearbhadh, tha iomairt ùr a' nochdadh ann an Directorate air choireigin, agus chan eil sgeul air Gàidhlig. A bheil seo an urra ri Bòrd na Gàidhlig? Chan eil.
Tha e an urra ris an Riaghaltas fhèin dèanamh cinnteach gu bheil Gàidhlig aig cridhe gach smuain anns gach Directorate.
Tha cumhachd shònraichte aig Riaghaltas na h-Alba - cumhachd a bharrachd, nach eil aig buidheann eile.
Tha sin a' ciallachadh, chanadh cuid againn, gu bheil dleastanas sònraichte orra, gu h-àraid a thaobh Directorates nach eil a' dèanamh mòran.
Feumar sùil a thoirt air siostam an Riaghaltais.
14/09/2021
*
An duilleag seo
Air fhoillseachadh an toiseach 10/09/2021
Air ùrachadh (an darna leth - fiosrachadh a bharrachd) 14/09/2021
Artigealan a bharrachd - ann an 'Faic cuideachd' - fo 'Tuilleadh Leughaidh an (dàrna leth) 18/09/2021
An dreach plana fhèin?
an seo
Plana deireannach?
Ri thighinn. Chì sinn cò ris a bhios Plana 2021-2026 Riaghaltais na h-Alba colach.
*
Tuilleadh leughaidh
Aitchison, Jean (1996)The Language Web: The Power and Problem of Words - The 1996 BBC Reith Lectures. Cambridge University Press
Armstrong, Tim (2020, 18 an Dùbhlachd) "What is a Gael?" https://drilseach.net/2020/12/18/what-is-a-gael/ drilseach.net sùil air an duilleag (accessed) 10/09/2021
Caimbeul, Aonghas Pàdraig (2020, 08 an t-Iuchar) "Conrad agus am Magic Roundabout", am Pàipear Beag. https://www.whfp.com/2020/07/08/conrad-agus-am-magic-roundabout-le-cridhe-agus-spiorad-slan WHFP/Am Pàipear Beag An t-Eilean Sgitheanach, West Highland Publishing Company. sùil air an duilleag (accessed) 10/09/2021.
Canagarajah, A. Suresh - deasaiche(2005) Reclaiming the Local in Language Policy and Practice . Routledge.
Cohen, Anthony P.(1975) The Management of Myths: The Politics of Legitimation in a Newfoundland Community. Institute of Social and Economic Research, Memorial University
Coombes, Mike (2017) "Multiple Dimensions Of Settlement Systems: Coping With Complexity" ann an New Forms of Urbanization Beyond the Urban-Rural Dichotomy (leabhar-d) deasaichte le A.G. Champion agus Graeme Hugo. Routledge
Garcia, Ofelia agus Peltz, Rakhmeil agus Schiffman, Harold, còmhla ri Fishman, Gella Schweid (2006) Language Loyalty, Continuity and Change: Joshua A. Fishman's Contributions to International Sociolingustistics. Multilingual Matters Ltd.
Hobsbawm, Eric (2011) How to Change the World: Marx and Marxism 1840-2011. Little Brown
MacGill-Eòin, Gille-chrìost (2021)"What next for Gaelic – new parliament, new start?" https://bellacaledonia.org.uk/2021/06/25/what-next-for-gaelic-new-parliament-new-start/ bellacaledonia sùil air an duilleag (accessed) 10/09/2021
Mac na Ceàrdaich, Dòmhnull (2013) "Inbhe ar Bàrdachd" (sgrìobhte ann an 1916) ann an D.M.N.C., deasaichte le Lisa Storey (agus ro-ràdh le Aonghas MacLeòid), 2013. Inbhir Nis: CLÀR. Tha Mac na Ceàrdaich a' togail air gnothaichean ann an 1916 - inertia 'luchd-riaghlaidh' agus cuid de na Gàidheil, mar eisimpleir - rudan a tha fhathast riatanach ann an 2021.
Misneachd (2018) Plana Radaigeach airson na Gàidhlig. Misneachd Alba
Phillipson, Robert (2003) English Only Europe? Challenging Language Policy. Routledge
Ryser, Laura agus Halseth, Greg agus Markey, Sean (2020) "Moving from government to governance: addressing housing pressures during rapid industrial development in Kitimat, BC, Canada" ann an Housing Studies. Taylor and Francis.
Sarkissian, Wendy (2009) Kitchen Table Sustainability - Practical Recipes for Community Engagement With Sustainability. Earthscan.
Soria, Claudia agus Russo, Irene agus Quochi, Valeria agus Hicks, Davyth agus Gurrutxaga, Antton agus Sarhimaa, Anneli agus Tuomisto, Matti (2016) Fostering digital representation of EU regional and minority languages:the Digital Language Diversity Project https://aclanthology.org ACL Anthology
-
Spolsky, Bernard (2004) Language Policy. Cambridge University Press
Zhang, Lubei (et al.) (2019) Bilingual Education and Minority Languages in China: Prospects and Challenges. Springer (sreath Multilingual Education).
Tha cànan - agus mur eil cànan, tha ceartas agus coimhearsnachd - aig cridhe a h-uile artigeal agus a h-uile leabhar gu h-àrd. Feumaidh Riaghaltas na h-Alba, ge brìth cò bhios annta eadar seo agus 2026, dearbhadh dhuinn gu bheil iad a cheart cho taiceil agus lèirsinneach.
Faic cuideachd
BBC Highlands and Islands (2015, 15 an t-Iuchar) Review of Bord na Gaidhlig long overdue, says professor https://www.bbc.co.uk/news/uk-scotland-highlands-islands-33534551 bbc.co.uk
Denholm, Andrew (2017, 16 an Damhair ) Call for Gaelic czar for Scotland https://www.heraldscotland.com/news/15597529.call-gaelic-language-czar-scotland/ The Herald
Riaghaltas na h-Alba (2021) Scottish Budget sporan - Riaghaltas na h-Alba sùil air an duilleag seo (accessed) 11/09/2021
Riaghaltas na h-Alba (2020) Scotland's Fourth National Planning Framework Position Statement planadh - Riaghltas na h-Alba sùil air an duilleag (accessed) 12/09/2021.
John Storey
*
Fiosrachadh eile
An duilleag seo: copyright an ùghdair @ John Storey, 2021
Beachd pearsanta a tha a' nochdadh an seo
Mearachd neo typo sam bith: an ùghdar 's coireach.
Tapadh leibh airson leughadh.
Puist-dealain a thaobh seo: js AIG ed-alumni D.O.T. net
Nòta don Riaghaltas
Taing do sgioba an Riaghaltais - tha mi mothachail gu bheil sgioba Gàidhlig an Riaghaltais gu math trang, agus tha daoine taingeil airson cothrom cur ris an deasbad air dreach Plana 2021-2026. Chan e sgioba na Gàidhlig 's coireach gu bheil am Plana seo làg. Bu chòir don Riaghaltas a bhith mothachail gun do chuir mi seo an àirde as dèidh dhomh an 'response' a chur thuca 09/09/2021: 's e an aon teacsa a th' ann ach gu bheil mi air na cinn neo 'sub-headings' a chur an seo (mar eisimpleir: 'COIMHEARSNACHD'), ann an oidhirp leughadairean a chuideachadh. Tha mi air liosta-leughaidh a chur ann, agus rinneadh sgioblachadh-litreachaidh beag air an teacsa.